
Date/Time
Date(s) - Sun 24th Feb, 2019
10:00am - 4:00pm
Location
Moniack Mhor, Kiltarlity, Inverness-shire , IV4 7HT
(Airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig)
’S e a’ Bheurla cànan-obrach na bùth-obrach seo, ach thathar an dùil gum bi na compàirtichean nan luchd-ionnsachaidh aig a bheil comas gu ìre ann a bhith a’ leughadh agus a’ labhairt Gàidhlig. Bithear a’ toirt sùil air mar a ghabhas piseach a thoirt air fileantachd agus misneachd luchd-ionnsachaidh le bhith ag aithris sgeulachdan. Bithear a’ coimhead air farsaingeachd de stuth, eadar seann sgeulachdan gaisgeil, feadhainn ceangailte ri àiteachan àraidh, agus stòiridhean nas ùire na sin. Tha dùil gun cruthaich agus gun aithris com-pàirtichean sgeulachd shìmplidh tron latha.
Tha Ruairidh MacIlleathain na fhear-naidheachd, chraoladair, oide agus sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis. ’S e a chruthaich Litir do Luchd-ionnsachaidh agus an Litir Bheag a th’ air an craoladh gu seachdaineil air BBC Radio nan Gàidheal. Tha e cuideachd na ùghdar agus bhuannaich a nobhail Còig Duilleagan na Seamraig Duais Dhòmhnaill Meek ann an 2018. Mar sgeulaiche, tha ùidh mhòr aig Ruairidh ann an sgeulachdan na Fèinne, agus chaidh iarraidh air a bhith ri seanchas aig Fèis Eadarnàiseanta nan Sgeulaichean anns an Dàmhair 2018.
Improving your Gaelic fluency through storytelling
(For Gaelic Learners) with Roddy Maclean
The working language of this day-long workshop will be English (but it presumes that clients will be Gaelic-learners who have some capacity in reading and speaking the language). It will explore how learning to tell Gaelic stories can improve a learner’s fluency and confidence. The stories considered will be a mixture of heroic legends, some linked to particular locations, and more modern tales. Clients will be encouraged to construct and tell a simple story during the day.
Roddy Maclean is a Gaelic journalist, broadcaster, author, educator and storyteller, based in Inverness. The creator of the long-running Litir do Luchd-ionnsachaidh and Litir Bheag on BBC Radio nan Gàidheal, Roddy is a published author whose new novel Còig Duilleagan na Seamraig won the Donald Meek Award in 2018. As a storyteller, he has taken a great interest in the tales of the Fianna, and was invited to participate in the Scottish International Storytelling Festival in October 2018.
an-asgaidh. This event is free of charge.
THIS DAY IS FULLY BOOKED NOW.
To be added to the waiting list, please email Heather at info@moniackmhor.org.uk