Co-chànan/ Comhtheanga: Scottish/ Irish Gaelic Residency

Co-chànan/ Comhtheanga: Greis-chòmhnaidh sgrìobhadairean Gàidhlig na h-Alba/na h-Èireann

.

Tha e a’ toirt toileachas mòr do Mhon Ìothaig Mhòr na sgrìobhadairean còmhnaidh aig iomairt Co-chànan/Comhtheanga ainmeachadh: Eoin P. Ó Murchú agus Pàdraig MacAoidh.


Tha Co-chànan/Comhtheanga na còmhnaidheachd thar-chinealach dhigiteach agus pearsanta do sgrìobhadairean stèidhichte a sgrìobhas ann an Gaeilge no Gàidhlig, a rùrachadh nan dàimhean cruthachail eadar na co-chànain seo agus a’ ceangal nan coimhearsnachdan Gaeilge is Gàidhlig ri chèile.

Tha Eoin P. Ó Murchú na sgrìobhadair is eadar-theangadair. Ràinig a’ chiad eadar-theangachadh làn-fhaid, Tinte na Farraige Duibhe, eadar-theangachadh de nobhail ficsein shaidheansail on Ghàidhlig, air fhoillseachadh ann an 2020, geàrr-liosta duais eadar-theangachadh de Bhaldraithe.
Chaidh a sgeulachdan goirid is a bhàrdachd fhoillseachadh ann an Iris Èigse Èireann, Comhar, Feasta, Lá, Lá Nua agus iomadh foillseachadh eile. Choisinn e duaisean airson a chuid bàrdachd is sgrìobhaidh, a’ gabhail a-staigh co-fharpais Fiach Dubh agus duaisean litreachas an Oireachtais.

Sgrìobh agus stiùirich e an dealbh-chluich Máirtín agus Jenny from the Block mar phàirt de dh’fhèis Scene + Heard am-bliadhna. Cho-chruthaich e Raidió Ráiméis, prògram comadaidh cunbhalach air RTÉ Raidió na Gaeltachta. Bha pàirt aige san dràma tbh cho-aimsireil An Clò Mòr a chaidh a chraoladh air BBC Alba o chionn goirid.

’S e bàrd, craoladair agus oraidaiche a th’ann am Pàdraig MacAoidh. Tha dà leabhar bàrdachd aige, Gu Leòr (Acair 2015) agus Nàdur De (Acair 2020), agus pamflaid, From Another Island (Clutag, 2010). Bidh e a’ sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla, agus chaidh an obair aige eadar-theangachadh gu Albais, Beurla, Cuimris, Fraingis, Gaeilge, Gearmalitis, Masadonais, Ogsatainis, Seicis agus Slòbhacais. 

 

Gheibh Eoin P. Ó Murchú agus Pàdraig MacAoidh cothrom a thighinn gu greis-chòmhnaidh eadar-nàiseanta aig Mon Ìothaig Mhòr san t-Sultain 2024 a rùrachadh is a bheartachadh nam practasan cruthachail aca ri taobh sgrìobhadairean às an Ucràin, Alba, Aotearoa agus comhalta Jessie Kesson Mhon Ìothaig Mhòr 2024.

Ron ghreis-chòmhnaidh, gheibh na sgrìobhadairean cothrom coinneachadh ri chèile air loidhne a shealltainn an cuid obrach ri chèile ’s a chnuasachadh tèamannan co-obrachaidh. Nithear bùth-obrach dhe na tèamannan seo a thèid a cho-lìbhrigeadh do dhaoine òga air a’ Ghàidhealtachd ann an Alba agus ann an Èirinn air Zoom san t-Sultain. An dèidh na greise-còmhnaidh, taisbeanaidh na sgrìobhadairean an obair a rinn iad is nì iad deasbad air aig tachartas air loidhne do choimhearsnachdan Gàidhlig is Gaeilge.


Fhuair a’ chòmhnaidheachd seo taic fhialaidh o Bhòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge tro mhaoin Iomairt Chalum Cille

Comments are closed.